Iolaire Loch Tréig
Iolaire Loch Tréig
Uair dha robh an saoghal, bha iolaire anns na beanntan a-muigh taobh Loch Tréig. Bha i a' fuireach ann an coire an-sin ris an can iad An Coire Meadhain. A' bhliadhna seo thàinig geamhradh fuar agus mòran sneachda, le cur is cathadh. Oidhche dhe na h-oidhcheannan bha an iolaire a' faireachdainn an fhuachd. 'Cha do dh'fhairich mi a leithid de dh'fhuachd riamh', thuirt i rithe fhéin. 'Saoil', thuirt i, 'an robh oidhche na b'fhuaire na seo riamh ann?'
Bha dreathann donn a' fuireach faisg oirre is chaidh i far an robh an dreathann. 'An do dh'fhairich thu oidhche na b'fhuaire na seo riamh?' thuirt i ris. 'Cha do dh'fhairich', ars an dreathann donn, 'ach dh'fhaodadh e a bhith gun robh a leithid ann. Chan eil fhios agamsa. Ach tha gobhar dhubh ann am Bun Ruaidh is tha i fada nas sine na mise. Bidh fhios aicese.
Chaidh an iolaire chun na goibhre is chur i an dearbh cheist oirrese. ‘Cha do dh’fhairich’, thuirt a’ ghobhar, ‘ach tha damh féidh’, ars ise, ‘ann an Coille Innse a tha fada nas sine na mise agus bidh fhios aigesan.’ Ràinig an iolaire Coille Innse is lorg i an damh féidh ann an coire fasgach. Se an aon fhreagairt a fhuair i an-sin. ‘Thàinig mi’, arsa esan, ‘an-seo à Inbhir Làire is mi ‘nam dhamh òg is cha do dh’fhairich mi oidhche na b’fhuaire. Ach tha breac ann an Lochan na Lòirig a tha fada nas sine na mise. Bidh fhios aigesan,’
Chaidh an iolaire chun a’ bhric. ‘An do dh’fhuaire. Bha mise anns an lock sea an oidhche a bha ann is bha an oidhche cho fuar is gun do chaill mi mo fhradharc leis an fhuachd. Bha an oidhche sin fada na b’fhuaire na an oidhche a-nochd.’
Bha an iolaire toilichte sin a chluinntinn is thill i dhachaigh
|