|
|||||||
| Register | Blogs | FAQ | Forum Rules | VB Image Host | Members List | Calendar | Search | Today's Posts | Mark Forums Read |
| Goidelic Gaeilge, Gàidhlig, Gailck, Sheldru, etc. |
![]() |
|
|
Thread Tools | Display Modes |
|
|||
|
BHA SNEACHDA NA CHIBHRIG
Thugas gaol nach fàillinneach Bha sneachda na chuibhrig air ìseal is àrd, Am broinn an taigh-òsda na seòmraichean làn; Bha Màiri is Iòsaph air tòir àite tàindi Am Bethlehem fhuadain's an uair ann mu thràth. O càit an robh fasgadh bhon chas-shileadh fuar Dhan òigh a bha qiùlan Fear-saoraidh an t-sluaigh? Ach threòraicheadh dìreach is cinnteach an ceum Dhan fhàdaich a b' àsle san tir ud gu lèir. O, seall E na shìneadh gun rìomhadh na chòir; O, seall air a Mhàthair ga thàladh le deòin, 'S na h-ainglean a' fàilteachadh pàisde na h-Oigh - Bidh 'n oidhche seo àraid an cànan 's an ceòi. Bha ceòi air a' ghaoith agus shoillsich an reul Mun cuairt air na clobairean, 's shin jad an ceurn; 'S an unraha nan ainmhidhean thairg iad an gaol Dhan naoidhean aig Màiri, Ràgh-phàisde chlann-daoin'! Dean Cadalan Samhach, A Chilean Mo Ruin Easbuig Fullarton Dean cadahn sàmhach, a chuilean mo rùin; Dean fuireach mar tha thu, 's tu an dràsd' an àit' ùr. Bidh digearan againn, Iàn beairteis 'us cliu', 'S ma bhios tu 'nad airidh, 's leat fear-eiginn dhiubh. Gur ann an America tha sinn an dràsd', Fo dhubhar na coille, nach teirig gu bràth. 'N uair dh'fhalbhas an dùlachd 's a thionndaidh's am blàths, Bithidh cnothan, bidh ùbhlan 's bithidh an siùcar a'fàs. 'S ro bheag orm féin na daoine seo th'ann, Le 'n còtaichean drògaid, ad mhór air an ceann; Le 'm briogaisean goirid, 's iad sgaoilte gu 'm bonn; Chan fhaicear an to-osan, 's i' bhochdainn a th'ann. Tha sinne 'n ar n-Innseanaich, cinnteach gu leòir; Fo dhubhar nan craobh, cha bhi h-aon againn beò; Madaidh allujdh 'us béistean ag éigheach 'S gach fròig; Gu bheil sinne 'nar n-éiginn bho'n la thréig sinn Righ Deòrs'. Thoir mo shoraidh le fàilte Chinn t-Sàile nam bó, Far 'n d'fhiuair mi greis m' àrach 'S mi'm phàisde beag òg. Bhiodh fleasgaichean donn air bonnaibh ri cedi, Agus nìonagan dualach 'S an gruaidh mar an ròs. An toiseach an fhoghair bu chridheil ar sunnd, Am fiadh anns an fhireach, 's am bradan an grunnd; Bhiodh luingeas an sgadain a' tighinn fo shìùil; Bu bhòidheach a' sealladh 's fir dhonn air am bùird. LANGANAICH le Peadar Morgan Seann tursa pro iseil na sheasamh air a' mhachair freiceadan aonranach nach crom ron ghaoith a deas, gaoth a dh'fhàg mm a chànan S a gheàrr an gràbhaIaicbe gu chridhe. Aig bun casain duibh tha tobht' air a' chladach air fha' gail nuair a chaidh iad thar mhara stoirmeil, muir a tha rèidh a-rithist ach a' sior-lionadh 'S a' còmhdachadh. Tha na siantan a' cagnadh àirneis am measg nan clach a' ghaoth a' togai phàipearan à drabhairean fosgailte, pàipearan ie sgriobhadh seargte, 's i gan sgapadh chun a h-uile àirde Gu sèimh ni na dàimh trotan timcheall air a' phàirce air am mealladh le biadh 's sòghaIachd far na frithe, sòghalachd an taigh-spadaidh, a' fàgail nam beann aig na circ-fhraoich. To the Bride 'Mile fàilte dhuit led' bhréid; Fad' do ré gun robh thu slàn. Móran làithean dhut le sith, Led' mhaitheas, is le d' ni bhi fàs A' chulaidh cheutach a chaidh suas 'S tric a tharruing buaidh air mnaoi; Bi-sa subhailceach, ceutach, A thionnsgain thu féin 's an strì. An tùs do còmhraidh is tu òg, An tùs gach lò iarr Dia nan Dùl; 'S chan eagal nach dean thu gu ceart Gach dearhh bheachd a bhios 'nad rùn Bi-sa fialaidh, ach bi glic, Bi misneachail, ach bi stòld. Na bi bruidhneach, 's na bi bàilbh, Na bi mear, no marbh, 's tu òg. Na bi gearanach fo chrois; Falbh socrach le cupan làn. Chaoidh do'n olc na tabhair spéis, 'S le do bhréi' Bi gleidhteach air do dheagh rùn: Ach na bi dùinte, 'S na bi fuar, Na labhair air neach gu h-olc, 'S ged labhrar ort, na taisbein fuath. Note: Anyone who wants to contribute with some Gàidhlig poetry is more than welcome . |
![]() |
| Bookmarks |
| Currently Active Users Viewing This Thread: 1 (0 members and 1 guests) | |
| Thread Tools | |
| Display Modes | |
|
|
Similar Threads
|
||||
| Thread | Thread Starter | Forum | Replies | Last Post |
| Book of Mark (Scottish Gàidhlig) | Delbáeth | Goidelic | 15 | Thursday, January 3rd, 2008 17:10 |
| Old Serbian Epic Poetry | Slavni | Literature | 5 | Sunday, December 30th, 2007 00:31 |
| Poetry, Regeneration, and D.H. Lawrence | Goswin_van_Eyck | Literature | 0 | Tuesday, July 19th, 2005 13:49 |
| German World War I poetry | Nerthus | Literature | 1 | Saturday, December 25th, 2004 20:39 |
| Medieval German poetry | Nerthus | Literature | 0 | Saturday, December 25th, 2004 20:37 |